|
|
|
|
A’ Chòmhdhail Cheilteach EadarnàiseantaMa thogras tu faodaidh tu an t-iomradh seo a leughadh ann an cànainean eile: Brezhoneg , Cymraeg , Gaeilge na hÉireann , Kernowek , Gaeilg Vannin , English . Chuireadh a’ Chòmhdhail Cheilteach air chois ann an 1902 gus eòlas air cànainean agus dualchas nan sia dùthchannan Ceilteach a chur am meud agus gus cothrom a thoirt do dhaoine a bhith gan cleachdadh agus a’ cur meas orra. Bidh na meuran nàiseanta dhen Chòmhdhail a’ coinneachadh mar Chòmhdhail Eadarnàiseanta gach bliadhna gus cuideachadh ann a bhith a’ cur nan amasan seo air adhart. Gheibhear fhathast fiosrachadh mu na cuspairean a bh’ aig a’ Chòmhdhail Eadarnàiseanta aig na cruinnichidhean a bh’ann roimhe seo, agus mu na molaidhean a chaidh aontachadh aca. Gheibhear Bun-stéidh na Còmhdhala (leasachadh 1994) cuideachd. Tha cuid de na buill air sgrÏobhaidhean a thoirt dhuinn mu eachdraidh na Comhdhala. . Cha bu chòir iomrall a dhéanamh eadar a’ Chòmhdhail Cheilteach agus An Conradh Ceilteach , ged a tha amasan gu leòr ann a tha cumanta eadarra. |